top of page

Ag Ionnsachadh Òrain Ghàidhlig

Mon, 07 Oct

|

Zoom

Cùrsa goirid do luchd-tòiseachaidh no dhaibhsan a tha airson an sgilean ionnsachadh òrain Ghàidhlig a leasachadh ann am barrachd doimhneachd.

Ag Ionnsachadh Òrain Ghàidhlig
Ag Ionnsachadh Òrain Ghàidhlig

Àm is Àite

1 more dates

07 Oct 2024, 19:00 – 20:30

Zoom

Mu dheidhinn an tachartas

Tha dualchas òran beairteach agus brèagha againn ann an Gàidhlig. Tha buannachd mhòr ri lorg ann a bhith seinn òrain Ghàidhlig, ach faodaidh e cuideachd a bhith doirbh nuair a thòisicheas tu sa chiad dol a-mach. Tha sinn air an cùrsa seo a chruthachadh gus cothrom a thoirt dhuibh barrachd ionnsachadh mu mar a dh’ionnsaicheas tu òrain Ghàidhlig ag amas air na sgilean a tha a dhìth ort a thoirt dhut gus an traidisean seo a rannsachadh agus a’ chuid as fheàrr fhaighinn às an t-seinn agad.

Thèid an cùrsa a ruith air-loidhne thairis air trì seiseanan, le beàrnan eadar seiseanan gus ùine a thoirt dhut a dhol agus na tha thu air ionnsachadh a chur an gnìomh.

Cleachdaidh sinn beagan òrain mar sgrùdaidhean-cùise fhad 's a ghluaiseas sinn tro gach seisean. Tòisichidh sinn le taghadh òrain agus rannsaichidh sinn a cho-theacsa. Leanaidh sinn oirnn an uairsin le seisean a’ coimhead air an òran fhèin agus mar a dhèiligeas tu ris na faclan, meatair, ruitheam, agus fonn. Bidh an seisean mu dheireadh againn a’ coimhead air eadar-mhìneachadh an òrain agus mar as urrainn dhut urram a thoirt don traidisean fhad ‘s a nì thu e leat fhèin. Bithear a’ brosnachadh chom-pàirtichean na h-òrain aca fhèin ullachadh còmhla ris a’ chùrsa.

Chan fheum Gàidhlig sam bith a bhith agad airson pàirt a ghabhail sa chùrsa, ach bidh e na chuideachadh a bhith air slighe ionnsachaidh. Cha bhi òran Gàidhlig sònraichte air a theagasg mar phàirt den chùrsa seo - an àite sin, bheir e dhut na sgilean agus brosnaichidh e thu gus òrain Ghàidhlig de do roghainn fhèin ionnsachadh san àm ri teachd.

Tha an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh no dhaibhsan a tha airson smaoineachadh mun phròiseas ionnsachaidh is seinn aca ann am barrachd doimhneachd.

Tha an cùrsa seo a' chosg £60 gach neach.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun chùrsa seo agus cothrom clàradh air a shon an seo.

Chaidh an cùrsa seo a chur air dòigh le Bria Mason agus lorgar barrachd fiosrachaidh mu na clasaichean aice air;

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page