top of page

Bàrdachd le Rody Gorman, Sa Chnoc

Wed, 16 Oct

|

Oak Room, Rockfield Centre

Thigibh còmhla ri Rody Gorman airson leughaidhean agus còmhradh mu "Sa Chnoc",

Bàrdachd le Rody Gorman, Sa Chnoc
Bàrdachd le Rody Gorman, Sa Chnoc

Àm is Àite

16 Oct 2024, 17:00 – 18:00

Oak Room, Rockfield Centre, Rockfield Rd, Taylor's Brae, Oban PA34 5DQ, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Thogadh Rody Gorman ann am Baile Àtha Cliath ach tha e a-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. Tha e air leabhraichean bàrdachd a thoirt a-mach ann an Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann agus anns a' Bheurla, agus ann an 2021 chaidh ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Is iad na leabhraichean as ùire aige "Sweeney: An Intertonguing" (Francis Boulte Publishers, 2024) agus "Sa Chnoc" (CLÀR, 2023), a choisinn Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd as Fheàrr 2024.


Thigibh còmhla ris airson leughaidhean agus còmhradh mu "Sa Chnoc", cruinneachadh de dhàin eadar ùr is aosda le Rody Gorman is cruinneachadh de dhàin a bhuannaich Duais Ruaraidh MhicThòmais 2024.


Chan eil càil ri phàigheadh gus an tachartas seo a frithealadh agus lorgar barrachd fiosrachaidh mun thachartas an seo.


Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean. Lorgar barrachd fiosrachaidh mun deidhinn air;

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page