top of page

Bùth-Obrach Fhleasgan aig Mòd an Òbain

Wed, 16 Oct

|

An t-Òban

Cothrom airson fleasg a chruthachadh agus Gàidhlig a bhruidhinn thairis air feasgar spòrsail!

Bùth-Obrach Fhleasgan aig Mòd an Òbain
Bùth-Obrach Fhleasgan aig Mòd an Òbain

Àm is Àite

16 Oct 2024, 15:00 – 17:00

An t-Òban, The Rockfield Centre, Rockfield Rd, Taylor's Brae, Oban PA34 5DQ, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Thig còmhla rinn airson fleasg a chruthachadh le clò, tartan is eile, agus airson Gàidhlig a bhruidhinn thairis air feasgar spòrsail!

Ma tha thu an dùil a bhith aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban am-bliadhna, thig còmhla rinn airson feasgar spòrsail agus cruthaich fleasg! Bidh measgachadh farsaing de stuthan agus clò ann (tartan na mheasg!) gus an fhleasg agad fhèin a dhèanamh. Thèid a’ bhùth-obrach a stiùireadh tro mheadhan na Gàidhlig agus 's e deagh chothrom a bhios ann Gàidhlig a bhruidhinn ann an àrainneachd neo-fhoirmeil. Bidh fàilte bhlàth air luchd-ionnsachaidh cuideachd!

Cosgais:

  • Inbhich - £25
  • Clann - £10  

Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Flurag Floral Design agus lorgar barrachd fiosrachaidh mun obair aca agus na bùithtean-obrach eile a thathar a' cur air dòigh air;

Airson àite a ghlèidheadh, cuir fios gu fluragflowers@gmail.com 

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page