top of page

Deoch slàinte & Eucoir

Sat, 25 Nov

|

Comhairle nan Leabhraichean

Thigibh còmhla rinn airson feasgar blàth de sgeulachdan eucoir agus glainne fìona, mar phàirt de Fair Saturday 2023.

 Deoch slàinte & Eucoir
 Deoch slàinte & Eucoir

Àm is Àite

25 Nov 2023, 16:00 – 17:00

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Mansfield St, Partick, Glasgow G11 5QP, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Thigibh còmhla rinn airson feasgar blàth de sgeulachdan eucoir agus glainne fìona, mar phàirt de Fair Saturday 2023.

Tha Calum L. MacLeòid aithnichte mar sgrìobhadair eucoir Gàidhlig agus mar fhear-naidheachd. Choisinn an dàrna nobhail aige, Fon Choill, Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein as Fheàrr aig Na Duaisean Litreachais 2021 agus chaidh a' chiad dealbh-chluich aige,  Stornoway, Quebec, a chur air le Theatre gu Leòr am-bliadhna.  

Tha Màrtainn Mac an t-Saoir cliùiteach mar sgrìobhadair is bàrd Gàidhlig, is tha e air grunn nobhailean a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach Tuath air a’ Bhealach, sgeulachd eucoir stèidhichte air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean agus gheibhear tiocaidean an-asgaidh air Eventbrite.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page